B' e rìgh na Breatainne eadar 1 an Lùnastal 1714 is 1727 a bha ann an Deòrsa I. Rugadh e 1660 sa' Ghearmailt, is bha e de theaglaich uasal Hanobhair. Lean a mhac, an darna Rìgh Deòrsa, nuair a chaochail e ann an 1727.
Rinneadh ban-oighre don Bhànrigh Anna dheth Sophia, màthair Dheòrsa, an 1701. Chaidh Sophia, a bha de shliochd Sheumais VI Alba is I Shasainn, agus bha cuideachd na Pròstanach, a thaghadh le uaislean Pròstanach Shasainn a-chum is nach fhaigheadh Na Stiùbhartaich agus an luchd-leantainn na Seumasaich an rìoghachd air ais nan caochladh Anna gun sliochd. Chaochail Sophia corra sheachdainean mus deach crùn Bhreatainn a bhuileachadh air a mac Deòrsa air a' chiad latha dhen Lùnasdal, 1714.