An dàrna Rìgh Bhreatainn de theaghlach Hanòbhair, bha e na rìgh bho 1727 gu bhàs an 1760. Rugadh e sa Ghearmailt, 1683. Bha athair, a' chiad Rìgh Deòrsa, na rìgh roimhe. Chaochail a chiad-ghin mhic, Frederick, roimhe. Ach shealbhaich am mac a bu shine aig Frederick, Deòrsa, crùn Bhreatainn. Chaidh an tiotal Diùc Cumberland a bhuileachadh air Uilleam Augustus (a rugadh an 1721), am mac a b' òige leis an dàrna Deòrsa.
Rìghrean Breatainn Mhòr agus an Rìoghachd Aonaichte