'S i Ealasaid II (Ealasaid Alexandra Màiri; breith 21 an Giblean , 1926 –8 an t-Sultain , 2022 ) Bànrigh an Rìoghachd Aonaichte agus iomadach dhùthcha eile mun cuairt an t-saoghal ris an canar na Riaghaltan Co-Fhlaitheas ; mar eisimpleir Canada .
Gu lèir, bha i na monarc tarsainn air Antigua agus Barbuda , Astràilia , Na h-Eileanan Bhathama , Belize , Canada , Grenada , Iaimeuca , Sealainn Nuadh , Papua Gini-Nuadh , Naomh Crìstean agus Nibheis , Naomh Lùisia , Naomh Bhionsant agus Eileanan Greanadach , Na h-Eileanan Sholaimh , Tuvalu is an Rìoghachd Aonaichte , am Breatainn Mòr agus Èirinn a Tuath .
Chaidh a h-athair, Seòras VI , a chrùnadh an deidh do a bhràthair, Eideard VIII , leigeil an cathair rìoghail seachad ann an 1936 .
Riaghail Seòras VI gu 1952 agus, an deidh do bhàsachadh (an 6mh den Gearran ), chaidh a chrùn gu an nighean is sine aige; Ealasaid. Chaidh a crùnadh mar banrigh air 2 an t-Ògmhios 1953 . 'S e an duine aice, a phòs i ann an 1947 , am Prionnsa Philip, Diùc Dhùn Èideann agus 's ann 'on a' Ghrèig a tha e. Tha ceithir chlann aca le Teàrlach III as sine. Tha dà mhac eile aca, Anndra agus Èideard , agus aon nighean, Anna .
Chaochail i 8 an t-Sultain 2022 ann am Baile Mhorail .[ 1]
Leanabachd
A Bhana-phrionnsa Ealasaid ann an 1929
'S i a' chiad leanabh a bh' aig Prionnsa Albert, Diùc York agus a bhean, Ealasaid. 'S e a h-athair an dàrna mac aig Rìgh Seòras V agus a' Bhanrigh Màiri. Rugadh i aig 2.40 sa mhadainn (GMT) air 21 dhan Ghiblean 1926 aig taigh a seanair: 17 Sràid Bruton, Mayfair, Lunnainn.
Bha aon phiuthar aice, Mairead , a bha ceithir bliadhna nas òige na i.
Pòsadh
Thachair Ealasaid ri Prionnsa Philip ann an 1934.
Phòs iad air 20 dhan t-Samhain 1947 ann an Westminster Abbey. Fhuair iad thairis air 2,500 prèasantan bho air feadh an t-saoghal.
Rugadh Teàrlach air 14 dhan t-Samhain 1948, agus a Bhana-phrionnsa Anna ann an 1950.
Iomraidhean
↑ “Ealasaid II, 1926-2022 ”, Naidheachdan a' BhBC. 8mh dhen t-Sultain 2022. Air a thogail 14mh dhen t-Sultain 2022.
Ceanglaichean a-mach
Rìghrean Breatainn Mhòr agus an Rìoghachd Aonaichte