Bha e na leas-rìgh airson athar eadar 1811 is 1820 nuair a chaidh e na rìgh. Bha e a' chiad rìgh a thàinig do dh'Alba airson 150 bliadhna is stiùir Walter Scott a' chuairt, ag ath-bheòthachadh breacain.[1] Chaidh Pàillean Bhrighton a thogail air a shon, is dh'ath-sgeadaich e Lùchairt Bhuckingham is Caisteal Windsor. Phòs e Ban-phrionnsa Caroline à Brunswick, ach cha fhuirich iad ri chèile is cha robh ach aon pàiste orra, Ban-phrionnsa Charlotte a chaochail ann an 1817.[2]