B' e dùthaich air an àirde an ear-dheas na Roinn-Eòrpa a mhair bho 1330 gu ruige 1859 a bh' ann an Țara Românească (IPA: ˈt͡sara romɨˈne̯askə, Aibidil Cirileach: Цѣра Рꙋмѫнѣскъ, Àrsachd: Țeara Rumânească, Ungairis: Havasalföld, Turcais: Eflak, Gàidhlig: An Tìr Romàinianach).[1] Chaidh An Tìr Romàinianach a stèidheachadh ann an 1330 nuair a sgarr sgìrean far a bheil ceann an deas Romàinia an latha an-diugh bho Rìoghachd na h-Ungaire. B' ann fo bhuaidh Impireachd nan Otomanach mar bhasaille 's a bha i bho 1417 gu ruige 1859 agus b' e cosantaireachd na Ruise eadar 1829 agus 1856.[2] Ann an 1922, an dèidh A' Chogaidh Mhòir ghabh An Tìr Romàinianach os làimh Transsilvania, a' cruthachadh Romàinia.