'S e cànan Turcach a th’ ann am Turcais neo Türkçe. Tha Turcais ga bruidhinn le 50,750,020 duine anns An Tuirc agus ann an Cìopras, far a bheil i na cànan oifigeil, a bharrachd air ann an corra àite ann an Romàinia, Cosobho agus Masadoinia. Chaidh a' chiad leabhar fhoillseachadh ann an Turcais anns an 11mh Linn. A bharrachd air sin, thathar air a bhith ga sgrìobhadh anns an Aibidil Ròmanach bho 1929, ged is e an Aibidil Arabach a bhite a’ cleachdadh roimhe làimhe.[2]
Eiseimpleir
İnsanlık ailesinin bütün üyelerinde bulunan haysiyetin ve bunların eşit ve devir kabul etmez haklarının tanınması hususunun, hürriyetin, adaletin ve dünya barışının temeli olmasına.
Tha gach uile duine air a bhreith saor agus co-ionnan ann an urram 's ann an còirichean. Tha iad air am breith le reusan is le cogais agus mar sin bu chòir dhaibh a bhith beò nam measg fhèin ann an spiorad bràthaireil.[3]
Turcais Bunaiteach
- Hoş geldin. – Fàilte[4]
- Nasılsın? – Ciamar a tha thu?
- Günaydın – Madainn mhath.
- Tünaydın. – Feasgar Math.
- İyi geceler – Oidhche mhath.
- Hoşça kal – Mar sin leat.
- Merhaba. – Halò.
- Özür dilerim – Tha mi duilich.
- İzninizle. – Gabh mo leisgeil.
- Teşekkürler. – Mòran taing.
- Tuvalet nerede? Càite a bheil an taigh beag?
- İyi şanslar! – Deagh àigh.
- Seni seviyorum – Tha gaol agam ort.
- Türkçe biliyor musun? – A bheil Turcais agat?
Fuaimean
Tha ochd fuaimreagan agus dà dheug consain sa trì ann.
Gràmar
Tuiseal
Tha sia tuisealan aig an Turcais a tha iar-leasachain a' comharrachadh:
- An tuiseal ainmneach - gun comharradh, m.e. ev - (an) taigh
- An tuiseal ginideach - in, m.e. evin - an taigh/aig an taigh
- An tuiseal tabhartach - e, m.e. eve - dhan taigh
- An tuiseal cuspaireach - i, m.e. evi - an taigh
- An tuiseal dìobhalach - den, m.e. evden - bhon taigh
- An tuiseal suidheachaidh - de, m.e. evde - anns' an taigh
Luchd-labhairt
Iomraidhean
- ↑ Ethnologue
- ↑ Country Studies
- ↑ OHCHR
- ↑ Omniglot
Ceanglaichean a-mach