4.909 km (3.050 mi)
309.049 km (192.034 mi)
'S e rèis Foirmle a h-Aon a th' ann an Grand Prix Emilia Romagna (Eadailtis: Gran Premio dell'Emilia Romagna), a bhios a' gabhail àite aig Autodromo Internazionale Enzo e Dino Ferrari, ann am baile Imola. Chaidh Grand Prix na h-Eadailte a chumail aig Imola ann an 1980 agus Grand Prix San Marino bho 1981 gu 2006.
Ri linn pandemic COVID-19 ann am 2020, chaidh mòran de na rèisean Foirmle a h-Aon an gluasad no an cuir dheth buileach. Cha robh Grand Prix Emilia Romagna air a' chiad chlàr-ama airson a' bhliadhna idir, ach chaidh a cuir ris a' chlàr-ama gus a lìonadh. Bha cruth ùr air an deireadh-sheachdain, leis an tachartas a' gabhail àite thairis air dà latha, seach trì mar as àbhaist.[1]
Ged nach robhar an dùil ach an rèis a chumail aon thuras, ann am 2020, tha Grand Prix Emilia Romagna a' tilleadh chun a' chlàr-ama ann am 2021, an àite a' Ghrand Prix Shìonach, a chaidh a cuir an dàil.[2]