B' e neach-poileataigs, saighdear agus deachdaire à Cùba a bh' ann am Fulgencio Batista Zaldívar (IPA: fulˈxensjo βaˈtista i salˈdiβar, Banes, 16 am Faoilleach 1901 – Marbella, 6 an Lùnastal 1973). Chuir e às dha deamocrasaidh ann an Cùba ann an 1952 ach sheas Fidel Castro na aghaidh ann an 1959. Chaochail Batista na fhògarrach thall thairis san Spàinn.[1]