'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an caesium le samhla Cs agus àireamh atamach 55.[2] 'S e meatailt alcalaidh glè bhog a tha ann. Tha e ag iom-obrachadh cho toileach 's gu bheil e a' spreadhadh anns an adhair. Mar mheatailt alcalaidh tha an feartan coltach ri na feartan ruibidium agus potasium.
Eachdraidh
Ann an 1860 lorg Robert Bunsen is Gustav Kirchhoff caesium ann an uisge-mèinnearach à Bad Dürkheim anns a' Ghearmailt. Chunnaic iad loidhnichean gorm mar sin dh'ainmich iad caesium às an Laideann caesius no "speur-ghorm".
Ann an 1881 rinn Carl Theodor Setterberg caesium fìor-ghlan.[3] Lorg e gum bu e an dòigh as fheàrr caesium a dhèanamh a bha ann an sruth dealain tro mheasgachadh CsCN agus Ba(CN)2 a chur.
Cleachdadh
Cleachdar caesium mar chaesium fhluaraid ann an lionn tollaidh agus ann an clocan caesium.