Titanium |
---|
|
Sampla titanium criostalach. |
|
Buadhan |
---|
Samhla |
Ti |
---|
Àireamh |
22 |
---|
Buidheann |
4, titanium |
---|
Ùine |
4 |
---|
Bloca |
d |
---|
Seòrsa |
Meatailt trastach |
---|
Buadhan stuthach |
---|
Dath |
Airgead-gheal-liath |
---|
Teothachd leaghaidh |
1941 K (1668 °C, 3034 °F) |
---|
Teothachd goilidh |
3560 K (3287 °C, 5949 °F) |
---|
Buadhan atamach |
---|
Tomad atamach/Da |
47.867(1)[1] |
---|
Comh-dhealbhadh atamach |
[Ar] 3d2 4s2 |
---|
Cor ogsaideachaidh |
+1, +2, +3, +4 |
---|
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 |
658.8 |
---|
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 |
1309.8 |
---|
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 |
2652.5 |
---|
|
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an titanium le samhla Ti agus àireamh atamach 22.
'S e meatailt trastach làidir agus aotrom a tha ann. Tha an cor ogsaidicheadh IV as cudromaiche ann an ceimigeachd de thitanium, mar eisimpleir ann an titanium dà-ogsaid. Tha na clòraidean TiCl4 agus TiCl3 cuideachd cudromach.
Eachdraidh
Ann an 1791 lorg William Gregor, bhiocar anns a' Chòrn, meatailt ogsaid ùr ann am mèinnear à Manaccan anns a' Chòrn. Ann an 1795 dh'ainmhich Martin Heinrich Klaproth e air na Τιτᾶνες, diathan Greugach.
Ann an 1910 thionnsgail Matthew A. Hunter pròiseas airson titanium fìor-ghlan a chinneasachadh. Theasaich e TiCl4 cuide ri sodium aig 700–800 °C de theothachd fo bhruthaidh àrd. Chleachdadh am pròiseas seo gus an do thionnsgail Wilhelm Kroll pròiseas ùr ann an 1932.[2]
Cleachdadh
Cleachdar a' mhòr-chuid de thitanium mar thitanium dà-ogsaid. 'S e stuth-datha sàr-gheal a tha ann. Cleachdar aloidhean titanium cuideachd ann an itealan, saidealan agus astasan.
Iomraidhean
- ↑ http://www.ciaaw.org/atomic-weights.htm
- ↑ Greenwood, N. N. is Earnshaw, A. (1984): Chemistry of the Elements. Butterworth Heinemann. ISBN 9780750628324.