‘S e baile mòr air an àirde an iar-dheas na Ruise a th’ ann Воронеж neo Voronezh (IPA: vʌronʲɪʃ, Fraingis: Voronej, Gearmailtis: Woronesch, Pòlais: Woroneż). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1585 leis an Rìgh Feodor I mar ghearasdan airson an dùthaich a dhìon an aghaidh nan Tartar. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Voronezh, 12km a-mach às an abhainn Don, aig 140m os cionn ìre na mara, anns an sgìre (Ruisis: Oblast) Voronezh, anns an roinn (Ruisis: Okrug) Meadhan na Ruise, aig astar dhe 424km bho Mhosgo (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 1,069km bho Chathair Pheadair.[1] Tha 848,752[2] duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, an 15mh baile as motha na dùthcha.[3] Thuit àireamh-shluaigh Voronezh fad na 90an, gu ruige 2009, mar a leanas: