'S e sgrìobhadair às a' Bhealaruis a tha ann an Svetlana Alexandrovna Alexievich. Tha i ainmeil airson a' co-chruinneachaidhean aithrise fianaise on seann Aonadh Sobhiat.
Beatha
Rugadh i san Ucràin ach dh'fhàs i mòr sa' Bhealaruis. Bha i na h-oileanach aig an Oilthigh Stàite na Bhealaruis agus chaidh i na neach-naidheachd. Dh'fhoillsich i a' chiad leabhar aice, "У войны не женское лицо" ('Aodann neo-bhanail na chogaidh') ann an 1985. Tha i a' dèanamh ceudan de agallamhan airson a h-uile leabhar, eadar-dhuilleagaichte le a h-aithrisean.[1]
Urraman
Bhuannaich i an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 2015 airson "a sgrìobhaidhean ioma-ghuthach, carragh-chuimhne do mhisneach agus fulang anns an t-àm againn".[2]
Iomraidhean
- ↑ Lloyd, John (26mh dhen Mhàrt 1992): “First you get beaten up, then you beat up others,” ann an: London Review of Books, leabhar 14, àir. 6, td. 10–11. Air a thogail 17mh dhen Ghiblean 2018.
- ↑ “Svetlana Alexievich - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 17mh dhen Ghiblean 2018.