B' e sgrìobhadair Sasannach a bha ann an Rudyard Kipling. Rugadh e anns na h-Innseachan ach bha e na sgoilear aig an United Services College ann an Westward Ho! mus do thill e do na h-Innseachan ann an 1882 far an deach e na neach-aithris is sgrìobh e sgeulachdan goirid, bàrdachd is nobhailean, mar eisimpleir The Jungle Book agus Kim. Chaochail e ann an Lunnainn ann an 1865.
Stèidhich e caractar anns an nobhail Captains Courageous (1896) air dithis bhràithrean dubha aig an robh a' Ghàidhlig à Ceap Breatainn, Iain agus Seòrsa Maxwell.[1] Seo cuspair an fhilm goirid Na Gàidheal Dubha le Coileat NicThòmais.[2]
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1907.[3]
Iomraidhean
- ↑ MacAmhlaigh, Calum: “Kipling agus a' Ghàidhlig”, Naidheachdan a' BhBC. 5mh dhen Ghearran 2024. Air a thogail 6mh dhen Ghearran 2024.
- ↑ “Na Gàidheal Dubha”. FilmG. Air a thogail 6mh dhen Ghearran 2024.
- ↑ “Rudyard Kipling - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 30mh dhen Dùbhlachd 2018.