B' e neach-poileataigs Èireannach a bh' ann an Seumas Ó Conghaile, Seumas Connolly no James Connolly ann am Beurla (5 an t-Ògmhios 1868–12 an Cèitean 1916).
Rugadh Connolly ann an Dùn Èideann, faisg air Geata nam Bò, anns an sgìre a bha aithnichte mar "Èirinn Bheag". Chaidh a thogail ann an teaghlach Èireannach a bha fìor bhochd. Bha athair ag obair mar cheartair. Dh'fhàg Connolly Sgoil an Naoimh Phàdraig nuair a bha e deich bliadhna a dh'aois, agus fhuair e obair aig pàipear-naidheachd, Evening News. Nuair a bha e ceithir bliadhna deug a dh'aois, ghabh e anns an Arm Bhreatannach agus chaidh a chur a dh'Èirinn. Phòs e ann am Peairt ann an 1890.
As dèidh do Chonnolly an t-arm fhàgail, bha e 'n sàs ann am poileataigs sòisealach ann an Alba. Ann an 1896, dh'imrich e a Bhaile Àtha Cliath agus chuir e air dòigh Pàrtaidh Poballach Sòisealta na h-Èireann.
Chaidh a chur gu bàs as dèidh Ar-a-mach na Càisge, còmhla ri Pàdraig Mac Piarais, Seán Mac Giolla Bhríde agus, daoine eile a bha 'n sàs anns an ar-a-mach.[1]
Ann an Alba, dhrùidh beachdan is beatha Chonnolly gu mòr air Iain MacGilleEathain (1879-1923), neach-poileataigs cliùiteach.
Bha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a' toirt spèis mhòr do Chonnolly, mar a chithear anns na dàin aige: "Àird-Mhusaeum na h-Èireann".[2]