B' e aonamh Sultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann an Selim II (far-ainmean: Sarhoş - 'drongaire', Sarı - 'bàn', Istanbul 28 an Cèitean 1524–Istanbul 12 an Dùbhlachd 1574).[1] B' e an còigeamh mac Süleyman I agus Hürrem Sultan a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1566 gus a chaochail e ann an 1574. Cha robh e idir coltach gum biodh esan na shultan ach b' e seannsa a bh' ann màthair adhbhar na cùise: chaochail a bhràthair Mehmed leis a' ghalar bhreac, chaidh a leth-bhràthair Mustafa a mhùchadh le athair agus chuir Selim I agus Selim II gu bàs a bhràthair eile, Şehzade Bayezid. Phòs e aig Cecelia Venier Baffo ann an Konya ann an 1545.[3] Cha robh uidh aige air cogadh agus ceannsachadh is b' e na ministearan a bh' aige a bha a' riaghladh na dùthcha na àite. Chuireadh e seachad a h-ùine is e ri raoitearachd is geòcaireachd.[4] Cha do chuidich Impireachd nan Otomanach ar-a-mach nam Muslamach thall ann an Granada san Spàinn. Chuir e ainm gu còrdadh na sìthe le Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[5] Chailleadh Cath Lepanto an aghaidh An Spàinn agus corr dhùthaich san Eadailt ann an 1571 agus cha b' urrainn Impireachd nan Otomanach a cuid talmhainn a leasachadh san Ruis. Bha an dùthaich beagan na bu shoirbheachaile ann an Hejaz, Tunis agus Iemen, is iad a' toirt seasmhachd dha na colonaidhean aca an siud.[6]
Iomraidhean
- ↑ All About Turkey
- ↑ Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
- ↑ Geni
- ↑ Turan, Serafeddin, "Selim II", (1940 ve sonrasi) İslam Ansiklopedisi, C.X say.434-444, Ankara ve İstanbul: Türkiye Cumhuriyeti, Maarif Bakanlığı
- ↑ Setton, Kenneth Meyer (1984). The Papacy and the Levant, 1204–1571: The Sixteenth Century. IV. Philadelphia: The American Philosophical Society. ISBN 0-87169-162-0.
- ↑ Ecured