‘S e baile mòr ann an ceann a tuath na h-Ostair a th’ ann Salzburg is tha an t-ainm a’ ciallachadh Caisteal Saillte anns a’ Ghearmailtis. Tha am baile suidhichte aig 422m os cionn ìre na mara,[1] faisg air na Beanntan Alpen,[2] ri taobh na h-Aibhne Salzach, anns an Stàit Salzburg fhèin. Tha A' Ghearmailt dìreach air an taobh thall na h-aibhne.Tha Salzburg 199km air falbh bho Ghraz, 109km bho Linz agus 252km bho Vienna, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 147,571 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[4] agus ‘s e an ceathramh baile as motha na dùthcha a th’ ann Salzburg.[5]
Eachdraidh
Bhuineadh am baile dhan Ostair-Ungaire bho 1867 gu ruige 1918.
Ceanglaichean A-mach
Bailtean Co-cheangailte
- Atlanta, Na Stàitean Aonaichte[6]
- Berne, An Eilbheis
- Shanghai, Sìona
- São João de Madeira, A' Phortagail
- Lagos
- León (Niocaragua), Niocaragua
- Verona, An Eadailt
- Merano, An Eadailt
- Kawasaki, An t-Seapan
- Dresden, A' Ghearmailt[7]
- Reims, An Fhraing
- Vilnius
Iomraidhean
- ↑ Mongabay
- ↑ Virtual Tourist
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Stàite
- ↑ Bailtean na Cruinne[dead link]
- ↑ SisterCities
- ↑ Stadt Dresden