Canar gur e aon de na mhòr-roinnean an t-Saoghail a tha ann an Roinn a' Chuain Shèimh (Beurla: Oceania neo Australasia). Cleachdar an t-ainm seo gu h-àraidh ann an Cruinn-eòlas, anns an Dualchas agus anns na doighean poileataigeach [1][2][3]. Ann am mòran chànain cleachdar an t-ainm cuideachd airson mòr-roinn eaconomach.
Tha Roinn a' Chuain Shèimh na laighe eadar Àisia agus Astràilia. Tha e a’ gabhail a-steach dùthchannan agus eileanan anns a’ Chuan Shèimh.
'S e am mòr-roinn as lugha air feadh an t-Saoghail a th' innte a thaobh farsaingeachd. Tha i anns an dàrna àite a thaobh àireamh-shluaigh. Tha i a’ gabhail a-steach barrachd air 7.500 eileann le 1,3 millean cilemeatair ceàrnach anns an fharsaingeachd uile gu lèir. Ach tha dìreach mu 2.100 eilean ann far am bi daoine a’ fuireach, mu 14,9 millean duine gu lèir.
A-rèir dualchas tha trì roinnean ann an Roinn a' Chuain Sèimh: [4]:
A-rèir an t-shònrachaidh a chleachdar, canar gu bheil Astràilia agus Sealainn Nuadh mar phàirt de Roinn a' Chuain Shèimh cuideachd.