Rugadh Robert Stevenson 8 an t-Ògmhios1772 ann an Glaschu. Nuair a bha e
dà bhliadhna a dh'aois chaochail athair agus dh'imrich a mhàthair a Dhùn Èideann far an deach Robert don sgoil. Ann an 1787 phòs a mhàthair a-rithist le Thomas Smith. Bha factaraidh obair-iarainn aige. Rinn e cuideachd lampaichean ùra le dealradairean aig an robh solas na bu shoilleire. Anns an àm seo cha robh na taighean-solais ach tùir le teine air a' mhullach no solas fann bho choinnlean. Bha na taobhan-mara glè chunnartach agus chaidh mòran bhàtaichean fodha. Thòisich Thomas Smith air taighean-solais a thogail leis na lampaichean ùra. Chaidh Robert don oilthigh ann an Glaschu agus an uair sin chaidh e ag obair leis a h-oide. Thog iad còmhla cuid taighean-solais air feadh na dùthcha.
Ann an 1805 thòisich Robert air planaichean a dhèanamh airson taigh-solais air "Creag a' Chluig" a thogail. 'S e creag anns a' mhuir a th' ann an "Creag a' Chluig" a bhios mu dheidhinn trì mìle air fhichead bho Obar Bhrothaig. B' e obair glè dhoirbh agus chunnartach a bh' innte. Bha a' chreag fo uisge aig làn mara. Chaidh a h-uile rud feumail a thoirt ann air bàtaichean seòlaidh – clachan, iarainn agus luchd-obrach. Cha robh ach piocaidean agus spaideachan aca. Anns a' gheamhradh no nam bitheadh an t-sìde dona, stoirmeil cha b' urrainn dhaibh a bhith ag obair. Bho àm gu àm sgrios a' mhuir na thog iad. Ann an 1811 bha an taigh-solais deiseil.
Eadar 1811 agus 1833 thog Robert Stevenson sia taighean-solais dheug ann an Alba. Rinn e cuideachd planaichean airson drochaidean, claisean-uisge agus calaichean. Bha triùir den mhic agus dithis de na h-oghaichean aige nan fir-togail taighean-solais cuideachd.