Innleadair

Obraiche-Innleadaireachd ag obair air rothadair-stotha

Is e a tha ann an Innleadair neach proifeiseanta a tha ri Innleadaireachd. Is ann an innleadaireachd a tha an gnìomh agus am proifeisean a bhitheas ri dealbhadh de uidheam, acfhuinn neo obraichean, stèidhichte air prionnsabalan saidheans, agus ro-dhearbhta le rìomhaireachd. Air barrachd dealbhadh bithidh innleadairean ag obair mar manaidsearan air pròiseactan innlichidh, neo a ruithe pròiseasan innlichidh

An iomadh dùthaich tha an stoidhle de "Innleadair" dìonta - a' ciallachadh nach faod duine sam bith a chantainn gu bheil e na h-innleadair mur eil barantas innleadaireachd aige.

Anns an Èirinn, mar a tha air feadh Eòrpa ach am Breatuinn a-mhàin, is e stoidhle dìonta a tha ann an innealtoir. Chanar "Innealtoir Proifeasanta" ris a tha air cosnadh ceum oilthigh ann an sgoil-innleadaireachd. Nuair a bhitheas an t-innleadair òg air a bhith ri innleadaireachd aig inbhe freagarrach airson trì bliadhna, faodaidh esan a chuir a fhèin air adhart airson lèirmheas agus, ma bhios an lèirmheas fàbharach, thèid a chlàradh mar Innealtoir Chairte.

Anns an Rìoghachd Aonaichte, chan eil "innealtoir" neo "innleadair" na stoidhle dìonta idir. Faodaidh do neach sam bith a chumail a mach gur e innleadair a tha ann, ged 's a tha "Innleadair Chairte" na stoidhle dìonta riutha a tha air dol fo lèirmheas agus air clàradh le Comhairle Innleadaireachd na Rìoghachd Aonaichte. Anns an t-samhradh de 2007 ghluais Riaghaltas na Sasainn nas dlùth ri suidheachadh na h-Èireann, nuair a thòisich iad a chuir an stoidhle "innleadair proifeiseanta" air innleadairean le ceum an innleadaireachd.

innleadairean Ainmeil

Strategi Solo vs Squad di Free Fire: Cara Menang Mudah!