Tha Pàrtaidh Poblachdach nan Daoine (Turcais: Cumhuriyet Halk Partisi air neo CHP, IPA: d͡ʒum.huː.ɾi.ˈjet hɑɫk pɑɾ.ˈti.si) na phàrtaidh poileataigeach a tha a' gabhail ri deamocrasaidh sòisealta anns An Tuirc.[1] Chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann an 1919 le Mustafa Kemal Atatürk nuair a bha Impireachd nan Otomanach a' briseadh às a chèile aig deireadh Cogadh a' Cheusair.[2] 'S e gu robh Pàrtaidh Poblachdach nan Daoine airson Poblachd neo-eaglaiseach - ris an canar Kemalizm (Gàidhlig: Kemalas)[3] - a chur an àite an Rìoghachd chreideamh a bh' ann fad linntean roimhe. Ghabh an CHP ri deamocrasaidh sòisealta ann an 1965.[4] 'S ann bho na bailtean mòra, sgìrean air a' chladaich, Alevis agus daoine meadhanach beairteach 's a tha am pàrtaidh a' sireadh bhòtaichean.
Iomraidhean
- ↑ Marksist
- ↑ Roderic H. Davison: Essays in Ottoman and Turkish History, 1774-1923: The Impact of the West
- ↑ Webster, Donald Everett (1973). The Turkey of Atatürk; Social Process in the Turkish Reformation. New York: AMS Press. ISBN 978-0-404-56333-2.
- ↑ Sabri Sayari, Yilmaz R. Esmer: Politics, Parties, and Elections in Turkey, Lynne Rienner Publishers, Lunnainn, 2002, ISBN 1-58826-022-4
Ceanglaichean a-mach