B' e Pàpa Eadailteach agus riochdaire dioplòmasach a bha ann am Pàpa Innocentius XIII (Laideann: Pàpa Innocentius P.P. XIII,[1] Poli, 13 an Cèitean 1665–Cathair na Bhatacain, 7 am Màrt 1724). B' e Michelangelo Conti an t-ainm a bh' air bho thùs. Chaidh a thaghadh air an 8 an Cèitean 1721 mar phàpa an dèidh bàs Pàpa Clemens XI. 'S e an 244mh fear a bh'ann.[2] Bhuineadh e do theaghlach beairteach uachdaranach leis gur e diùc a bh’ann athair (Carlo IV, Diùc Pholi agus Ghuadagnolo). Rugadh agus chaochail e ann an Stàitean na h-Eaglaise.