'S e buidheann de dh'eileanan a tha anns Na h-Eileanan Samhraidh (IPA: [nə ˈhelanən ˈs̪ãũrɪ], Beurla: Summer Isles). Tha iad suidhichte ann an inbhir Loch Bhraoin.
'S e Tannara Mhòr an t-eilean as motha anns na h-Eileanan Samhraidh. Chan eil duine a' fuireach anns na h-Eileanan Samhraidh ach ann an Tannara Mòr a-mhàin.
Tha iad nam pàirt den "National Scenic Area".
Tha bàtaichean a’ dol eadar Tannara Mhòr agus Aichillidh Bhuidhe, a tha mu 2.5 km (1½ mìle) air falbh air tìr–mòr Alba.