’S e aon de na h-Eileanan Samhraidh a tha ann an Eilean Mhàrtainn. Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba ann an Loch Kanaird aig ceann Loch Bhraoin. Tha e mu 3 mìltean air falbh bho Ullapul, mar sin 's e Eilean Mhàrtainn am fear de na h-eileanan Samhraidh a tha as faisge air Ullapul.
Tha Eilean Mhàrtainn 157 heactair ceàrnagach de mheud agus tha an t-àite as àirde 123 meatair os cionn na mara. Tha gleann beag air àird an iar Eilein Mhàrtainn ris an canar Bad an Luig.
Thàinig ainm an eilein bho Naomh Mhàrtainn.[1] Bha eaglais bheag an seo ainmichte air Naomh Mhàrtainn, tha an tobhta fhathast ri faicinn. Tha taighean briste eile agus seann sgoil ann a tha suidhichte air àird an earra-dheas an eilein faisg air camas beag.
Eachdraidh
Anns an 18mh is 19mh linn bha àiteachas agus iasgach nan gnìomhairean as cudthromaiche anns an eilean. Ann an 1820 thoisicheadh croitearachd anns an eilean. [2] Eadar 1939 is 1948 bha muileann ann.
Anns a’ bhliadhna 1965 cheannaich Monica Goldsmith Eilein Mhàrtainn. Chuir i uisge agus dealan anns an eilean. Bha i measail air glèidhteachas-nàdair anns an eilean, mar sin thug i an eilean don Royal Society for the Protection of Birds (RSPB) ann an 1981. Ann an Cèitean 1999 thug an RSPB an eilean don Isle Martin Trust[3] a tha aig a’ choimhearsneadh Loch Broom agus Coigach.
Bliadhna
Muinntir an eilein
1841
45
1881
42
1891
47
1901
33
1931
3
1961
0
1971
0
1981
1
1991
1
2001
01
1Uaireannan tha daoine a’ fuireach anns an aona taigh san t-samhradh.[1]
Iomraidhean
↑ 1.01.1Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands, duilleag 189. Dùn Eideann: Canongate. ISBN 9781847672773.