'S e baile mòr agus port cudromach faisg air Kherson agus Odesa anns An Ucràin a th' ann am Mykolaiv (Ucràinis: Миколаїв, IPA: mɪkoˈlɑjiu̯). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Pivennyi Buh, far a shruthas i dhan A' Mhuir Dhubh, san roinn Mykolaivska Oblast. Tha 476,101 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
Chaidh Mykolaiv a stèidheachadh ann an 1789 le Grigory Potemkin mar ghàrradh-shoithichean. 'S ann làidir 's a tha an gnìomhachas seo gus ar làithean: b' ann ann am Mykolaiv a thogadh an soitheach Moskva, air an tug feachdan n'a h-Ucràine. Ann an 1991, thàinig Mykolaiv gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Air 25 an Gearran 2022, chaidh ionnsaigh a thoirt air port-adhair Kulbakino agus ionad connaidh anns a' bhaile le urchraichean Ruiseanach, agus air 3 am Màrt 2022 chaidh Mikolaiv a chur fo shèist le feachdan armachd na Ruise, mar phàirt Ionnsaigh 2022 na Ruise air an Ucràin. Chuir na h-Ucràinich ruaig air na Ruiseanaich.[1]
Daoine Ainmeil
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
- ↑ Ukrinform
Ceanglaichean a-mach