‘S e baile beag ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Marktl am Inn neo dìreach Marktl (Laideann: Mercatellus ad Aenum). Tha an t-ainm a’ ciallachadh fèill bheag sa Ghearmailtis is thathar dhen bheachd gun do stèidheachadh am baile san 13mh Linn. Ann an 1422 fhuair Marktl cead bhon Dhiùc Eanraig VII fèillean a chumail san àite seo. Tha e suidhichte aig 362m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Inn, anns an stàit Bayern, faisg air na crìochan leis An Ostair. Tha am baile 476km air falbh bho Bherlin (Prìomh-bhaile na dùthcha), 95km bho Mhünchen, 276km bho Stuttgart agus 330km bho Heidelberg.[2] Marktl am broinn na sgìre Oberbayern agus tha 2,653 duine a' fuireach anns a’ bhaile.
Daoine ainmeil
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Sotto il Monte
Ceanglaichean a-mach