Fhuair e ollamhachd urramach o Oilthigh Stockholm ann an 1999,[1] o Oilthigh Helsinki ann an 2000 is bhuannaich e an Duais Vollum o Cholaiste Reed ann an 2005.[2]
Gnìomhachas
Bhuannaich e an Duais EFF Pioneer ann an 1998[3] am Bonn Lovelace on Comann Coimpiutaireachd Bhreatanaich ann an 2000,[4] agus an Duais Takeda airson soirbheas sòisealta agus eaconomach còmhla ri Richard Stallman agus Ken Sakamura ann an 2001. Chaidh inntrigeadh don Thaigh-tasgaidh Eachdraidheil Coimpiutaireachd, Mountain View, Calafòrnia ann an 2008[5] is bhuannaich e an Duais C&C le co-chomannachd NEC ann an 2010.[6]