B’ e Juan José Nieto Gil, a rugadh ann an clachan beag ris an canar Cibarco (Atlántico), eadar Baranoa agus Tubará, air an 24 an t-Ògmhios 1805 agus a chaochail ann an Cartagena de Indias (Bolívar) air an 16 an t-Iuchar 1866), neach-poileataigs, ùghdar, saighdear agus stàitire à Coloimbia.[1] Bha e na cheann-suidhe Poblachd Ghranada Ùire[2] eadar 25mh am Faoilleach agus 18mh an t-Iuchar 1861.
'S e daoine bochd a bh' ann a phàrantan agus le sin cha d'fhuair e foghlam ann an sgoil co-dhiù. A dh'aindeoin sin, dh'ionnsaich e ri leughadh na aonar agus dh'fhàs e a bhith cho foghlaimte a ghabhas.
Bha e an sàs ann an Cogadh nan Àrdanach ann an 1840, a' chiad cogadh a thachair ann an Coloimbia an dèidh a chuid neo-eisimeileachd fhaighinn. Bha e ri taobh Carmona anns a' chogadh sin. Chaidh e a chur an grèim leis a chuid nàmhaidean ann am baile air an robh Tescua. Dh' fhàg e Coloimbia agus chuir e seachad còig bliadhna ann an Iaimeuca.
Sgrìobh e dà nobhail nuair a bha e thall ann an Iaimeuca, air adhbharan poileataigeach: Rosina, Ingermina o la hija de Calamar (1844) agus Los Moriscos (1845).[3] A bharrachd air sin, sgrìobh e faclair marsanta Spàinntis - Beurla.
Thill e dhan dùthaich ann an 1847 agus stèidhich e pàipear-naidheachd ann an Cartagena de Indias, air an robh La Democracia. Fhuair e a dreuchd mar Riaghladair ann an Cartagena ann an 1851, is chuir e an t-easbaig Pedro Antonio Torres à san dùthaich. Air an 17mh an Giblean 1854 thug e taic dhan ar-a-mach a rinn José María Melo. Mar Riaghladair ghabh e ris an dàrna Bun-Reachd poileaganach a fhuair an stàit Bolívar.
Ghairm e neo-eisimeileachd na stàite Bolívar bhon a’ Cho-chaidreachais Ghranada air an 3mh an t-Iuchar 1860 ann an caidreabhas leis an t-Seanalair Tomás Cipriano de Mosquera, leis gu robh an dùthaich airson meadhanachadh fon cheann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez. An dèidh ceannas na dùthcha a ghabhail os làimhe fhad’s a bha an Seanalair Mosquera às an làthair, ghabh e sealbh air Riaghaltas na Stàite Bolívar iomadh turas gus an do chuir na feachdan reubaltaich le Antonio González Carazo os an cionn às an dreuchd e.
Bha an seannachaidh Orlando Fals Borda dhen bheachd gun do deach e fhàgail a-mach eachdraidh oifigeil na dùthcha e o chionns gur e mulato a bh' ann, is fiù 's gun robh na dealbhan dhàsan gealaichte gus na freumhan aige fhalach.[4] Thuirt an seannachaidh sin gur e "gnothach na b' ionadaile na nàiseanta (taobh na h-uachdarain ann an Cartagena)" a bh'ann am pròiseas anns an do dhìochuimhneachadh am fear a bha an aon cheann-suidhe dubh neo mulato a fhuair Coloimbia a-riamh.
Iomraidhean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Leabharlann Luís Angel Arango
- ↑ Barule Gazette
- ↑ Nuevo Heraldo
Ceanglaichean a-mach
Pàrtaidh Libearalach Choloimbia