Eva Amaral

Eva Amaral
Beatha
Ainm slàn Eva-María Amaral Lallana
Breith Zaragoza, 4 dhen Lùnastal 1972
Dùthaich  An Spàinn
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd seinneadair, sgrìobhaiche òran agus cluicheadair-guitàir
Ballrachd Amaral (en) Translate
Gnè ealain ceòl pop
Nàdar a’ ghutha mezzo-soprano (en) Translate
Inneal-ciùil giotàr
guth
IMDb nm1798940
amaral.es

'S e seinneadair, ceòladair agus snìomhadair ciùil às an Spàinn a th' ann an Eva María Amaral Lallana neo dìreach Eva Amaral (Zaragoza 4 an Lùnasdal 1972).[1] Tha i a’ gabhail òran san Spàinntis is i ag obair ann an stoidhle rock neo indie.[2] Bho 1992 tha i air a bhith an sàs anns a’ chòmhlan chiùil Amaral, còmhla ri Juan Aguirre. ’S ann à Cáceres ann an Extremadura a bh’ ann a h-athair, a chaochail ann an 1998.[3] Bhàsaich a màthair, Carmen Lallana, ann an Zaragoza fhèin ann an 2007. Cha do chòrdadh idir leotha gum biodh an nighean an sàs ann an saoghal a’ chiùil, ach mu dheireadh thall chunnaic iad nach biodh sin idir cho dona.[4] Tha piuthar mhòr aice cuideachd. Mar a thuirt Eva: “’S e ise a sheall na clàran a rinn The Beatles agus Simon and Garfunkel dhomh”.[5]

Clàran

  • 1998: Amaral
  • 2000: Una Pequeña Parte del Mundo
  • 2002: Estrella de Mar
  • 2005: Pájaros en la Cabeza
  • 2006: El Comienzo del Big Bang
  • 2008: Gato Negro, Dragón Rojo
  • 2009: Granada
  • 2009: La Barrera del Sonido
  • 2011: Hacia lo Salvaje

Iomraidhean

  1. Musicódromo
  2. El Mundo
  3. El Periódico de Extremadura
  4. Psychologies
  5. El País

Strategi Solo vs Squad di Free Fire: Cara Menang Mudah!