A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à bàrr anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo.
Eachdraidh
Chaidh Barrachan a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1612 mar Barqurochane.[9]
Poileataigs
'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad a bhuineas Barrachan, a ghabhas a-steach Am Magh Crom, Cill na Tràghad, An Eilreig agus Am Monadh Rèidh cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11]