'S e baile anns na Crìochan a tha ann an Baile a' Chaisteil Nuadh[1] (Beurla: Newcastleton no Copshaw Holm). Tha e suidhichte faisg air na crìochan eadar Sasainn is Alba. Ann an 2001 bha 772 duine a' fuireach an seo.[2] Chaidh am baile a thogail anns na 1790an nuair a b' fheudar do na daoine a ghluasad air falbh bhon sheann baile Old Castleton aig àm nam Fuadaichean.
Tha an Hermitage Castle faisg air a' bhaile, a chaidh a thogail timcheall air 1240. Canar gun tàinig an t-ainm aige bho Fhraingis l'armitage (Taigh nam freiceadan) ach bha far-ainm aige mar 'the guardhouse of the bloodiest valley in Britain' . Tha e fo chùram Àrainneachd Eachdraidheil Alba an-diugh.[3]
Iomraidhean
- ↑ “Newcastleton/Baile a' Chaisteil Nuadh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2018.
- ↑ Scotland's Census Result OnLine[dead link]
- ↑ “Hermitage Castle”. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2018.
Ceanglaichean a-mach