B' e ceòl-sgrìobhaiche agus ceòladair às an t-Seic a bha ann an Antonín Leopold Dvořák (IPA: antɔɲiːn ˈlɛɔpɔlt ˈdvɔr̝aːk, Nelahozeves 8 an t-Sultain 1841–Pràg 1 an Cèitean 1904).
Rugadh e ann an Nelahozeves is thogadh e an siud agus ann an Zlonice. Dh'imrich e do Phràg nuair a bha e 16 gus ceòl ionnsachadh aig an Sgoil Organ. Sgrìobh e an Opus 1 aige ann an 1861. Fhuair e sgoilearachd na stàite ann an 1875 is chuir e fòcas air a bhith a' sgrìobhadh ciùil. Dh'obair e anns na Stàitean Aonaichte eadar 1891 is 1895 far an do sgrìobh e a shimphnidh àireamh 9, "Às an t-Saoghal Nuadh". Sgrìobh e na h-oparan a bu ainmeile aige, Rusalka is Armida ann an 1901 is 1904 agus chaochail e ann an 1904.[1]