’S e seinneadair Gàidhlig, sgrìobhadair, agus neach-brosnachaidh na Gàidhlig a tha anns an Dr Anna Latharna NicGillÌosa no NicIllIosa[1] (Beurla: Anne Lorne Gillies) (21 Dàmhair 1944, Sruighlea).[2]
Chaidh a togail ann an Earra-Ghàidheal.[1] Bha i ʼna sgoilear ann an Àrd-sgoil an Òbain, dh'ionnsaich i Ceiltis agus Beurla ann an Oilthigh Dhùn Eideann agus fhuair i dotaireachd ann am foghlam Gàidhlig bho Oilthigh Ghlaschu.[3]
Ann an 1962, beagan às dèidh dhi àrd-sgoil a chrìochnachadh, choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn aig a' Mhòd Nàiseanta an Òban.[2]