'S e baile-eaglaise (Suainis: kyrkbyn)[1] agus parraist (Suainis: socken) am broinn Vadstena a th' ann an Väversunda. Tha e suidhichte eadar Loch Vättern agus Loch Tåkern, aig 108m os cionn ìre na mara,[2] san roinn (Suainis: län) Östergötland,[3] anns an t-Suain, 176km air falbh bho Ghöteborg, 283km bho Helsingborg, 163km bho Växjö agus 222km bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Chaidh an t-àite a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1279 mar Wewersundom.
Freumhan an ainm
Tha e coltach gur ann às an fhacal sunda (caol) ann an Suainis agus ainm pearsanta air choireigin a tha an t-ainm.[5] Bheireadh sin Caol Bheabhair dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda sound a th' ann an sunda.[6] Tha an t-ainm a' gabhail ri cruth na tìre.
Daoine ainmeil
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
- ↑ Svensk Geografi
- ↑ Nona
- ↑ Nationalencyklopedin
- ↑ Tip to Globe
- ↑ Wadbring
- ↑ Mats Wahlberg, (2003). Svenskt ortnamnslexikon, Uppsala: Institutet för språk och folkminnen, ISBN 91-7229-020-X