'S e baile mòr agus sgìreachd (Farsi: شهرستان) air an àirde an iar-thuath Ioràn a th' ann an Urmia (IPA: oɾumiˈje, Farsi/Asarbaideànais: ارومیه, seann ainm: رضائیه). Tha Urmia suidhichte faisg air na crìochan leis An Tuirc agus Siria, ri taobh na h-Aibhne Shahar Chay, eadar Erbil agus Tabriz san roinn (Farsi: استان) Asarbaideàn an Iar, shuas aig 1,332m os cionn ìre na mara. Tha 680,228 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an deicheamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.
Eachdraidh
Bha am baile na cholonaidh Impireachd nan Otomanach gus a chaill Ahmed I e ann an 1606.[2] Rinn feachdan Otomanach sgrios-cinnidh air na h-Airmeinich an seo aig àm Cogadh a' Cheusair.[3]
Daoine Ainmeil
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
- ↑ Cunntas-sluaigh na Stàite
- ↑ Finkel, Caroline. Osman's Dream: The Story of the Ottoman Empire, p.175. Basic Books, 2005. ISBN 0-465-02396-7
- ↑ Armenian Genocide
- ↑ Stanford
Ceanglaichean A-mach