B' e sgoilear, eadar-theangaiche agus neach-eachdraidh a bh' ann an Seòras Bochanan, no George Buchanan ann am Beurla (An Gearran 1506–28 an t-Sultain 1582). Bha e gu h-àraidh ainmeil mar sgrìobhadair ann an Laideann.
A bheatha
Rugadh Seòras Bochanan ann an Cill Eàrnain. B' e Gàidhlig am prìomh chànan aige. Fhuair e foghlam aig Oilthigh Pharas agus aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Fhuair e ceum MA ann an 1528. Bha e ag obair mar neach-teagaisg anns an Fhraing, anns a' Phortagail agus ann an Alba. Bha e a' brosnachadh an Ath-leasachaidh. B' e oide-fhoghlaim do Mhàiri I, bànrigh na h-Alba agus do Sheumas VI, a mac, a bh' ann. Chaochail e ann an 1582 agus chaidh a thìodhlacadh ann an cladh Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.
Leabhar-chlàr
- Detectio Mariæ Reginæ
- De Jure Regni apud Scotos
- Rerum Scoticarum Historia
Iomraidhean