B' e naoidheamh Sultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann an Selim I (far-ainm: Yavuz - 'gruamach'/'ceannara' - Amasya 10 an Dàmhair 1470 - Çorlu 22 an t-Sultain 1520).[1] B' e mac a b' òige Bayezid II agus Gülbahar Sultan a bh' ann. Bha e os cionn na dùthcha bho 1512 gus a chaochail e ann an 1520. Dh' fhàs an Impireachd mu 70% fo Shelim. Ghabh e a-steach mòr-chuid saoghal nam Muslamach, a' sìneadh fad 1,494,000 km2 nuair a bha Selim I aig uchd a' bhàis. Chuir e Siria, Iòrdain, An Èipheit, Palastain, Leabanon, Hejaz agus Tihamah ri na bha dhe cholonaidhean aig Impireachd nan Otomanach mar-thà agus chuir e às do Shultanachd nam Maimealucach.[2] Le Mecca am broinn na h-Impireachd, b' e na Otomanaich a bha nan ceannardan saoghal nam Muslamach agus chaidh Selim I ainmeachadh na Chalaif.[3]
Iomraidhean
- ↑ All About Turkey
- ↑ Muir, William, 1896, The Mameluke; Or, Slave Dynasty of Egypt, 1260–1517, A. D. Smith
- ↑ Ottoman seapower and Levantine diplomacy in the age of discovery, Palmira Johnson Brummett, State University of New York Press, Albany, 1994