'S e prìomh-bhaileHaiti a tha ann am Port-au-Prince (Cànan Creole: Pòtoprens). 'S e cuideachd am baile as motha na dùthcha. Tha am baile suidhichte air a' chamas La Gonave.
Ann an 2010 thachair Crith-thalmhainn Haiti agus thuit mìltean de thogalaichean ann am Port-au-Prince, nan measg An Lùchairt Nàiseanta (Àros nan Uachdarain), Àros a' Phàrlamaid agus Ceann-Oifis nan Cìsean. Thuit a' chuid a bu mhotha de na taighean eiridinn cuideachd.