‘S e clachan ann an ceann a deas na h-Eilbheis a th’ ann Montagnola. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1226.[1] Tha e suidhichte air iomall a’ bhaile Lugano, dìreach ri taobh Loch Lugano ann an ceann a deas na roinne (Eadailtis: Cantone) Ticino, faisg air na crìochan leis An Eadailt. ‘S e Eadailtis a th’ann an cànan oifigeil agus tha am baile suidhichte aig 469m os cionn ìre na mara aig astar dhe 41km bho Ghenève, 156km bho Zürich, 155km bho Bherne prìomh-bhaile na dùthcha agus dìreach 62km bho Milano, air an taobh thall na crìochan[2] Tha 2,029 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] Chaidh Montagnola a thoirt ri chèile le Agra agus Gentilino gus an sgìre Collina d’Oro (Eadailtis: Cnoc an Òir) a chruthachadh ann an 2004.[4] Chaochail an sgrìobhadair Hermann Hesse (1877 – 1962) ann am Montagnola.
Eachdraidh
Bhuineadh am baile gu Poblachd Rhodàinia bho 1802 gu ruige 1810.
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
- ↑ Dictionnaire Historique de la Suisse
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Dictionnaire Historique de la Suisse
- ↑ Dictionnaire Historique de la Suisse
- ↑ Stadt Calw
Ceanglaichean A-mach