Air sgàth 's gu bheil àirde nam beann ag atharrachadh tro ùine, thathar gam measach bho àm gu àm agus chaidh na tomhasan a chruinneachadh air an liosta a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[1] Chaidh na h-àireamhan anns an liosta seo a chur ri chèile a rèir an luchdadh a-nuas 8 an Lùnastal 2014.
Chaidh an clàr a dhathachadh a rèir nan liostaichean a chaidh a chruinneachadh le daoine no buidheann eadar-dhealaichte.
'S e seòrsa beinn ann am Breatainn a tha ann am Marilyn. Feumaidh 150 meatair (492 troigh) de dh'àirde rinneadh a bhith oirre air a' char as lugha agus is coma mun àirde gu lèir neo feartan eile. Chaidh iad a chruinneachadh ann an liosta le Alan Dawson.[2]
Gheibhear liosta nas farsainge le àirde rinneach nas ìsle. Tha an cruinneachadh More Relative Hills of Britain[3] a' ghabhail a-steach na HuMPs, beanntan aig a bheil 100 meatair de dh'àirde rinneadh air a' char as lugha.