B' e deilbhiche, dealbhadair mhapaichean agus gràbhalaiche furmach às Na Tìrean Ìsle a bh' ann an Jan Pieterszoon Saenredam (Zaandam, 1565–Assendelft, 4 an Dàmhair 1607). Rugadh e anns Na Tìrean Ìsle ri linn Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte, nuair a bha an dùthaich uabhasach beairteach. B' e dìlleachdan a bh' ann an Saenredam agus chaidh a thogail le bràthair màthar, Pieter de Jongh, a bha na chlèireach sa Comhairle ann an Assendeft. Phòs e ri Anna Pauwelsdochter agus rug i aon mhac dha, Pieter Janszoon Saenredam, a bha na pheantair cuideachd.[1] Chaochail e leis an fhiabhras-ballach nuair a bha e 42 bliadhna a dh'aois. B' e cuspairean seach-labhrach às a' Bhìoball no miotas-eòlas na Grèige a dhèanadh e.[2]
Iomraidhean
- ↑ Rijksmuseum
- ↑ “Jan Saenredam”. Fine Arts Museums of San Francisco. Air a thogail 12mh dhen Fhaoilleach 2019.