'S e baile meadhanach ann an Santander, Coloimbia,[1] a th' ann an Girón. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 777m os cionn ìre na mara agus dìreach 9km air falbh bho Bhucaramanga, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 28˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Girón an 34mh baile as motha na dùthcha.[2]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1631.
Sluagh a' bhaile
Tha 135,791 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 17,850 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Girón, ach tha 0.6% dhe Rom agus 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.9% dhe na daoine ann an Girón leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 79% dhe na dachannan.[5]
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Girón. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
Iomraidhean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Ceanglaichean A-mach
An t-sìde ann an Girón