'S e baile beag ann an ceann a tuath na Pòlainn a tha ann an Frombork (IPA: ˈfrɔmbɔrk, Gearmailtis: Frauenburg, Latbhais: Fromborka, Laideann: Frauemburgum). Tha e suidhichte aig 28m os cionn ìre na mara,[1] dìreach ri taobh an Lagùn Vistula, na h-aibhne Vistula agus Am Muir Baltach[2] anns an sgìre (Pòlais: Powiat) Braniewski, anns an roinn (Pòlais: Województwo) Warmińsko-mazurskie. Ann an 2010 bha 2,425 duine a' fuireach ann.[3] Tha Frombork 396km air falbh bho Lublin, 303km bho Kraków, 66km bho Gdańsk agus 250km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Chaidh Fromborg a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1278, ann an sgrìobhainn eaglaiseil agus fhuair e a chuid chòirichean ann an 1310.[5] Chaochail an Reul-eòlaicheNicolaus Copernicus an seo ann an 1543.[6]
Eachdraidh
Chan eil sinn idir cinnteach fhathast nan nochdadh Frombork na àite seann chlachan nam Pruiseanach, a bhiodh ri taobh an Lagùn Vistula o shean. Nochd an caisteal Frauenburg airson a’ chiad turas mar chathair ùr na h-Easbaigeachd Ermeland, ann an 1282, [7] an dèidh gun do mhilleadh manachd ann am Braniewo, ri linn ar-a-mach nam Pruiseanach fad na 1270an. A-rèir seann mhìosachan nan chlèireach à Frauenburg, chuimhnich iad fear air an robh Heinricus de Castro far-ainm Pasloci (bho Sheann-Phruisis passis lukis = Sgìre ar Tighearna, neo Pasłęk anns an dòigh-labhairt Phòlais) agus a bhean[8] Gertrude Paslocisse, ann an 1393.
Bheir na sgrìobhainnean guth air an ainm Laideann Castrum Dominæ Nostræ (Caisteal ar Bhaintighearna), do Mhoire, freumh an ainm-àite Frauenburg ann an Gearmailtis, bho frau (boireannach) agus burg (Daingneach), neo Frombork anns an dòigh-labhairt Phòlais. Ach nochdaidh an dùn fon ainm Warmia ann an caochladh sgrìobhainn Laideann, a bharrachd air Ermeland, leis gu robh cathair-eaglais am broinn a’ chaisteil cuideachd. Mean air mhean nochd clachan aig bun a’ chaisteil, is fhuair e còirichean mar bhaile ann an 1310 bhon Easbaig Eberhard von Neisse,[9] air a mhisneachadh leis na Laghan Lübeck. Dh’fhuirich Frombork suarach tàireil taobh an eaconomaidh an coimeas ris a’ bhaile chumhachdail Hansa Braniewo, a tha faisg air làimhe, is e a-riamh ri cùlaibh Warmia, far an robh na h-Easbaigean.
Thug Rìoghachd na Pòlainn thairis Easbaigeachd Warmia, is Frombork na broinn, tro Chòrdadh Thorun, ann an 1466.[10] Ann an 1520 chaidh 89% a’ bhaile a mhilleadh leis na feachdan aig Albert de Brandebourg-Hohenzollern, an ceannard (is an 37mh fear) mu dheireadh na Buidhne Teutonach, ri linn a’ chogaidh aige an aghaidh na Pòlainn.[11] B’ fheudar do Nicolaus Copernicus, a bha na chlèireach ann an Warmia, theiche gu Olsztyn. Chuir Copernicus ùine mhòr seachad is e a’ dìon is ag ath-thogail na h-Easbaigeachd.[12] Chaochail esan ann am Frombork ann an 1543. Tha pràis-chuimhne dha am broinn na h-eaglaise air a sgrìobhadh ann an Laideann: Astronomo celeberrimo, cujus nomen
et gloria utrumque implevit orbem.[13]
Thug an t-Arm Dearg ionnsaigh le plèanaichean cogaidh air Frombork air an 9mh An Gearran1945, is chaidh 80% a’ bhaile air a mhilleadh.[14] Falamh is gun daoine, chaill an t-seann bhaile sin ann am Prùis-an-Ear inbhe dhe baile, is cha d’ fhuair sin air ais mu 1959. Ach cha do thoisich obair-càraidh gu ruige 1966, le taic bho tochaillichean òga (Pòlais: Harcerstwo Polskie) às a’ Phòlainn.[15]
Ann an 2001 thog ùghdarrasan na Pòlainn càrn-cuimhne ri taobh an Lagùn Vistula, do na Sìobhaltaich a dh’fhulaing nuair a b’ fheudar dhuibh am baile fhàgail ann an 1945 is an t-Arm Dearg a’ dèanamh air Frombork.[16] Bheannaich Àrd-easbaig Warmia, an t-Ollamh Edmund Piszcz,[17] pràis-chuimhneachaidh air a sgrìobhadh an dà chuid ann am Pòlais is ann an Gearmailtis.