Eòin Dòmhnallach (Cille Mhoire)

Eòin Dòmhnallach (Cille Mhoire)
Beatha
Breith Kilmore (en) Translate
Dùthaich  Alba
Bàs 1 dhen Dàmhair 2021
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd tasglannaiche agus eachdraiche

Bha Eòin Dòmhnallach (Eòin Eachainn Eòin Dhòmhnaill ‘ic Ghilleasbaig Eòin ’ic Shomhairle) ’na eòlaiche air cultar, seanchas agus eachdraidh, à sgìre Chille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach. Chaochail e san Dàmhair 2021.

B’e mac chroiteir a bh’ann, agus ghabh e ùidh mhòr ann an cultar is cànan sgìre Chille Mhoire bho aois gu math òg, is ùidh shònraichte aige ann an traidisean an taigh cèilidh.

Stèidhich e Taigh-tasgaidh Chille Mhoire ann an 1965, aon de na ciad taighean-tasgaidh air a’ bhlàr a-muigh ann an Alba a dh’fhosgail ann an 1965, a tha an-diugh a’ tàladh luchd-turais bho air feadh an t-saoghail.

Ann an 1970, cheannaich e Taigh-òsta Dhùn Thuilm, agus bha e ga stiùireadh airson 27 bliadhna mus do leig e dheth a dhreuchd. A bharrachd air an obair seo, chruinnich e mòran beul-aithris ionadail bho sgìre Chille Mhoire bho na 1960an air adhart, a’ cleachdadh inneal-clàraidh tèip gus muinntir na coimhearsnachd a chlàradh. B’ ann gu tric a chur e ri prògraman Gàidhlig a’ BhBC air an rèidio is air an telebhisean cuideachd, a’ bruidhinn mu iomadh cuspair, gu tric ceangailte ri àite àrach.

Ann an 2000 chaidh MBE a bhuileachadh air, air an obair luachmhor a rinn e|ann an glèidheadh a’ chultair Ghàidhealaich ann an Tròndairnis, agus ann an 2011 fhuair e duais Sàr Ghàidheal bho Shabhal Mòr Ostaig.[1]

Bha e an sàs gu mòr leis an eaglais, far an robh e na chlarc an t-seisein, agus na phrecentor fad iomadh bliadhna.

Iomraidhean

  1. Luaidh air Eòin Dòmhnallach”, Naidheachdan a' BhBC. 18mh dhen Dàmhair 2021. Air a thogail 5mh dhen Dàmhair 2023. 

Ceanglaichean a-mach

Strategi Solo vs Squad di Free Fire: Cara Menang Mudah!