An-dràsta, tha ceithir bun-sgoiltean anns a' bhaile fhèin: Windyknowe, Simpsons, St. Mary's agus Balbardie. Tha dà bhun-sgoiltean eile ann an Boghall ('s e iomall-bhaile Bhathgate a th' ann am Boghall): St. Columbus agus Boghall Primary. Chan eil ach aon àrd-sgoil anns a' Bhaile: Bathgate Academy, ach tha àrd-sgoil chaitligeach, St. Kentigern's Academy, ann am Blackburn. Mar as àbhaist, bidh sgoilearan a chaidh a St. Mary's a' faighinn bus a St. Kentigern's.
Chaidh an Old Academy a thogail ann an 1831. Fhuair am baile an t-airgead bho John Newlands. Nuair a chaochail Newlands ann an Diameuga, dh'fhàg e mòran airgid don bhaile anns an tiomnadh aige airson sgoil saor a thogail. Aig an àm sin, cha robh sgoil saor anns a' bhaile. Gach bliadhna, bidh fèis mhòr anns a' bhaile far am bi muinntir Bhathgate a' cùimhneachdainn cò às a thàinig the Old Academy. 'S e Bathgate Procession agus John Newlands Festival an t-ainm a th' air an fhèis mhòir.
Bathgate Procession agus John Newland Festival
Tachraidh Bathgate Procession agus John Newland Festival a' chiad Disathairne san Òg-mhios.
Thòisich an tachartas seo mar phairèid latha an stèidheadair air 17mh den Ghiblean 1844. Air an latha siud, choisich sgoilearan na t-seann acadamaidh bhon acadamaidh fhèin chun Eaglais Àrd air an latha sin gach bliadhna. Bha an latha siud na latha-saor air sgàth 's gun do shaoil na urrasairean Newland gur e co-latha breith Newland a th' anns an latha siud. [2]
Freumh an ainm
A rèir John Garth Wilkinson 's ann bhon Bhreatnais a tha an t-ainm "Bathgate"; tha e a' ciallachadh 'Baedd coed' sa Chuimris (coille nan torc).[3] Fad 's a tha an t-ainm a' nochdadh air mapa Roy Pedersen mar 'Both Cheit' sa Ghàidhlig[4] tha Ainmean-Àite na h-Alba[5] agus "Map-balla Alba"[6] a' gabhail ris an ainm Beurla.