B' e peantair ainmeil às an t-Suain a bh' ann am Bertram Henning Christen Edward Schmiterlöw (Karlskrona, 20 am Faoilleach 1920 - Stockholm, 28 an Dùbhlachd 2002).[1] B’ e actair a bh’ ann a leas-phiuthar, Vera Schmiterlöw.[2] Chaidh e dhan sgoil-ealain Pernbys målarskol, ann an Stockholm. Thug Edward Hopper, Pedro Figari agus Giorgio Morandi buaidh mhòr airsan. Chuir e seachad bliadhnaichean ag obair mar fhear-ealain thall san Argantain agus air feadh na Roinne-Eòrpa. Pheantadh e daoine beartach, Rìghrean agus luchd-malairt. Bhuannaich e an duais Kungliga Vasaorden anns an t-Suain fhèin ann an 1974 agus an Orden del Libertador General San Martín anns an Argantain ann an 2001.[3]
Galaraidh
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
- ↑ Knut Andersson, (1967). Svenskt Konstnärslexikon, Malmö: Allhems Förlag. Malmö: Allhems, 74-75 74-75 8
- ↑ IMDB
- ↑ Vera Månsson, (2004). Svenska Konstnärer, Sala Sala, 509. ISBN 91-631-5329-7