Anns an 19mh linn dh'fhàs am baile seo iar-thuath air a' chlachan Tarbhdail air sgàth 's stèidheachadh taigh-staile "Glen Ord" ann an 1838[2] agus mar àite math airson giùlain[3]. Tha stèisean rèile ann, Stèisean a' Bhlàir Dhuibh, a chaidh fhosgladh ann an 1869. Tha an taigh-staile "Glen Ord" ann gus an latha an-diugh, tha e aig a' chompanaidh eadar-nàiseanta Diageo a-nis.[4] Bha 2555 duine a' fuireach ann ann an 2011[5] agus 2840 ann an 2020.[6]
Tha roinn na turasachd làidir anns a' Bhlàr Dhubh. Tha am Black Isle Show[7], tè de na fèillean àiteachais as motha ann an Albainn, ga chumail gach bliadhna faisg air aʼ bhaile. Anns na linntean sa chaidh bha am Blàr Dubh na àite cudromach airson dròbhaireachd gus crodh a reic[8].
Rugadh Willie Logan (1913 - 66), a chuir Loganair air bhonn, anns a' Bhlàr Dhubh. Còmhla ris an athair aige thog an companaidh aca, Duncan Logan Construction Ltd., Drochaid-rathaid na Tatha[9].