'S e Am Baile Sear (Beurla: Baleshare) eilean anns na h-Eileanan Siar. Tha e an iar-dheas air Uibhist a Tuath.
Tha e gu math rèidh agus chan eil e ag èirigh ach 12 m os cionn ìre na mara.
Tha e aithnichte airson tràigh fada. Tha dà chlachan ann, Samhla agus Teananachar. Tha 49 daoine a' fuireach ann.
Thogadh cabhsair eadar an t-eilean agus Uibhist ann an 1962 le William Tawse Ltd.[1] Anns an latha an-diugh tha an cabhsair ann an droch stàit agus luchd-iomairt ag iarraidh leasachaidhean.[2]
Bailtean
Ainm
Chan eil Baile Siar ann an Uibhist a-nis ach 's math dh'fhaoidte gun robh 'baile siar' ann cuideachd. Thathar ag ràdh gun robh eilean eile ann air am faodadh coiseachd dha na h-Eileanan Heisgeir nuair a bha an tràigh aig ìosal a chaidh a sguabadh às anns an 16 linn.
Tha na h-Eileanan Heisgeir 15 km air an taobh an iar.
Seann Eachdraidh
Tha dà chlachan ro-eachdraidheil air an lorg ann. Tha tobhtaichean de seann taigh cloiche agus criomagan de dh'obair-chrèadha, cnàmhan agus meatailt.[3]
Daoine Ainmeil
Iomraidhean
Ceanglaidhean a-mach