'S e iar-leasach a tha gu math cumanta anns na h-Eileanan a' Chaolais agus ann an ainmean Normanach a tha ann an -hou. 'S e seo an dòigh-innse anns a' chànan Normanach mun fhacal Seann-Lochlannais: holmr, a tha a' ciallachadh “eilean beag”. Tha e ri fhaicinn anns an dòigh-sgrìobhaidh Beurla ann an àitichean diofraichte mar "holm". Tha e ann fhathast anns na cànain Lochlainnach an-diugh, m.e.: Stockholm.
Thàinig an “toponym” Normanach agus an dòigh bheagachadh hommet/houmet cuideachd bhon iar- leasach seo.
'S e îlot am facal co-ionnan a tha anns an Fhraingis, tha e ceangailte leis an fhacal Beurlaislet.
Tha an iar-leasach ri fhaicinn ann an cuid de na-h-ainmean àitichean Gàidhlig cuideachd. Dh'atharraich am facal: "hólmr" gu "tolm" (giniteach: "tuilm" [1] m.e.:Duntuilm anns an Eilean Sgitheanach.
Iomradh
↑Alexander MacBain, Place Names of the Highlands and Islands of Scotland, Glasgow, 2003, ISBN 0902664093, duilleag 80
Leabhraichean
Noms de lieux de Normandie, René Lepelley, 1999 Paris ISBN 2-86253-247-9
Strategi Solo vs Squad di Free Fire: Cara Menang Mudah!